Beurla

Fàilte

Thòisich mi ag obair anns na meadhanan ann an 1995. Bhon uairsin, tha mi air cuideachadh a thoirt do dhiofar buidhnean - beag agus mòr - agus tha mi air tòrr ionnsachadh.

B’ urrainn dhomh an t-eòlas sin a thoirt dhan buidheann agaibhse. Agus mar neach-pàirtiche dhen bhuidheann Cambium Advocacy tha comas agam taic fhaighinn dhuibh a thaobh a iomairtean poblach agus taisbeanadh phoileasaidhean.

Càirdeas leis na meadhanan

Bidh mi a’ cruthachadh agus a’ libhrigeadh ro-innleachdan mheadhanan agus ro-innleachdan conaltraidh. Bidh mi ag obair còmhla ri buidhnean gus na teachdaireachdan aca a gheurachadh, a’ toirt tuigse nas fheàrr dhaibh air cò na daoine air am bu chòir dhaibh a bhith ag amas, a’ dèanamh co-dhùnaidhean air dè na meadhanan as cudthromaiche dhaibh, agus a’ cur air dòigh slatan-tomhais gus sgrùdadh a thoirt air dè cho èifeachdachd ’s a tha sinn air a bhith.

Tha tòrr eòlais agam ann an a bhith a’ togail ùidh a-measg luchd-naidheachd anns na poileasaidhean aig buidhnean.

Bidh mi a’ toirt trèanadh seachad air sgrìobhadh sanasan-naidheachd, a’ cruthachadh cheanglaichean le luchd-naidheachd, agus a’ toirt seachad agallamhan dhaibh.

Tha mi air obair a dhèanamh le buidhnean mòra san treas roinn, a bharrachd air buidhnean beaga - cathrannasan, buidhnean coimhearsnachd, agus gnìomhachasan sòisealta nam measg.

Cuir fios

Riochdachadh

Tha tòrr eòlais agam ann an a bhith a’ riochdachadh susbaint do phàipearan-naidheachd, dhan rèidio, dhan telebhisean agus dhan eadar-lìon.

Tha mi air iomadh uairean de thelebhisean a riochdachadh do BhBC ALBA agus do BhBC Scotland. Tha mi air obair a dhèanamh mar neach-naidheachd bhideo. Tha mi air stuth a chruthachadh son na làraich-lìn aig BBC Naidheachdan. Tha mi air làraich-lìn a thogail do bhuidhnean naidheachd, do bhuidhnean coimhearsnachd agus do chathrannasan. Tha mi air a bhith nam neach-naidheachd, nam dheasaiche agus nam iar-dheasaiche do phàipearan. Tha mi air fiolmaichean goirid a chruthachadh do Oxfam Alba agus do bhuidhnean eile. Tha mi air a bhith os cionn phròiseactan gus susbaint a chruthachadh a thèid a chur an clò, no air an eadar-lìon - na meadhanan sòisealta nam measg.

B’ urrainn dhomh comhairle a thoirt dhut air dè na meadhanan as fheàrr gus na h-amasan agad a choileanadh, agus bith mi ag obair còmhla riut gus susbaint èifeachdach a chruthachadh dhan na meadhanan sin.

Cuir fios

Obair naidheachd

Tha mi air obair naidheachd a dhèanamh do phàipearan, dhan rèidio, dhan telebhisean agus dhan eadar-lìon.

Sna bliadhnaichean sin, tha mi air oidhirp a dhèanamh sgeulachdan cudthromach fhaighinn tron a bhith a’ dèanamh sgrùdadh domhainn air cuspairean. Bidh mi a’ cleachdadh Achd Saoirse an Fhiosrachaidh, a’ toirt sùil mhionaideach air dàta, agus a’ faighinn sgeulachdan agus beachdan pearsanta bho dhaoine a tha fàisg air a’ chuspair a bhios mi a’ rannsachadh.

Tha ùidh mhòr agam san dòigh sa bhios poileasaidhean poblach a’ bualadh air beatha dhaoine, agus anns na ceangalaichean eadar riaghaltas agus an roinn phrobhaideach. Tha cuid dhen na sgeulachdan agam air atharrachadh a thoirt air poileasaidhean bhuidhnean poblach.

Tha mi dìreach air tòiseachadh a choimhead air cumhachd an eadar-lìn mar mheadhan son sgeulachdan a dh’innse. Tha mi a’ cur sgilean a thaobh còdadh agus a’ taisbeanadh stuth air loidhne ris na sgilean a th’ agam mar-thà.

Ma tha sgeulachd agad air am bu choir dhomh a choimhead, bhiodh e math bruidhinn riut.

Sgrìobhadh cruthachail

Bidh mi a‘ sgrìobhadh dàin ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Tha cuid dhiubh air nochdadh ann an Poetry Scotland, Irish Pages, Northwords Now, An Guth, Gutter, New Writing Scotland, agus sa chruinneachadh The Harbour. Ann an 2013 bha an dàn agam 'Lucozade' air a' gheàrr-liosta ann an Comórtas Filíochta an Choirnéil Eoghain Uí Néill. Chaidh an nobhail ghoirid agam 'Glainne' fhoilleaschadh le Sandstone Press ann an 2015. Tha mi ag obair air mo chiad nobhail saidheans ficseanail 'Cailèideascop', le taic bho Chomhairle nan Leabhraichean.

Cuir fios